aotrom-laigheachan
’s e sreath bhruadaran a th’ ann an AOTROM-LAIGHEACHAN: ceithir sgeulachdan drùis-mhiannach gèidh, agus iad uile anns a’ ghàidhlig.
tha na sgeulachdan seo a’ feuchainn ri slighe ùr fhosgladh ann an rosg gàidhlig, airson mianntan — agus feis — gèidh, le bhith a’ sireadh chleachdaidhean-cànain ùra (no a’ feuchainn rin cruthachadh) a bhios freagarrach dhaibh seo. còmhla ris na sgeulachdan tha aiste ghoirid on ùghdar a’ beachdachadh air a’ phròiseact aige.
thèid airgead sam bith a nithear o reic an leabhair seo a chur dhan wôpanâak language reclamation project agus dhan native youth sexual health network. tha an leabhar cuideachd ri luchdachadh a-nuas saor an-asgaidh: ’s i $5 a’ phrìs mholte ach faodaidh tu $0 (no àireamh sam bith eile, fiù ’s barrachd air $5) a chur ann mas fheàrr leat.
air fhoillseachadh le clò an fhaoileagain (littlegullpress.tumblr.com).
gheibhear pdf dhen leabhar air pàipear A5, air a phiseachadh airson clò-bhualadh.